Videovarmi.com™ - Onbinlerce video için týklayýnýz.

Rankin Family
Oich U Agus H-iùraibh Éile

Oich ù agus h-iùraibh éile,
Oich ù agus h-iùraibh éile,
H-iùraibh ò, agus hòro éile,
'S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dheigh mi

C'àite bheil i ann an Albann
Cruinneag bhòidheach is gille calpa
Slios mar fhaoilinn air aodan fairge,
'S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh

Oich ù agus h-iùraibh éile,
Oich ù agus h-iùraibh éile,
H-iùraibh ò, agus hòro éile,
'S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dheigh mi

'N uair a théid mi chun na féille
Bidh mo shùil air a 'chruinneig ghlé-ghil,
Is binne Gàidhlig's as deise Beurla,
'S bidh sàiltean àrd air a brògan eutrom,

Oich ù agus h-iùraibh éile,
Oich ù agus h-iùraibh éile,
H-iùraibh ò, agus hòro éile,
'S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dheigh mi

Tha do shùilean mar na sheuran,
No mar dhearcagan donn an t-sléibhe
Dubh a's donn ann am measg a chéile,
'S gu bheil ceann dubh air mo chruinneaig ghlé-ghil

Oich ù agus h-iùraibh éile,
Oich ù agus h-iùraibh éile,
H-iùraibh ò, agus hòro éile,
'S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dheigh mi