Oyunvarmi.com™ - Binlerce flash oyun için týklayýnýz.

Rankin Family
Leis An Lurgainn

Leis an Lurgainn o hi
Leis an Lurgainn o hò
Beul an anamoich o hi
'S fheudar faibh le 'cuid seòl

An Cuan Eirinn o hi
Muir ag éirigh o hò
Cha bu léir dhuinn o hi
Ni fo 'n ghréin ach na neòil

Leis an Lurgainn o hi
Leis an Lurgainn o hò
Beul an anamoich o hi
'S fheudar faibh le 'cuid seòl

Seachad Ile o hi
'M beul na h-oidhche o hò
Las sinn coinnlean o hi
'S chuir sinn combaist air dòigh

Leis an Lurgainn o hi
Leis an Lurgainn o hò
Beul an anamoich o hi
'S fheudar faibh le 'cuid seòl

Seachad Aros o hi
Bha i gàbhaidh o hò
'N fhairge làidir o hi
Suas gu bàrr a' chroinn-sgòid

Leis an Lurgainn o hi
Leis an Lurgainn o hò
Beul an anamoich o hi
'S fheudar faibh le 'cuid seòl