Videovarmi.com™ - Onbinlerce video için týklayýnýz.

Rankin Family
An T-each Ruadh

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

An t-each ruadh aig Roland Steele,
Gu'n cuir na biastan tachais ann,
'N uair a dh'ith e leth an fheòir,
Cha dh'fhàg iad móran craiceann air.

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

'S eadar Nollaig 's a Bliadhna Ùr,
A chaidh e null gu Garrett leis,
Chuala e gu robh e turail,
Air son a' bhruid examinagh.

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

'N uair a ràinig e an cùl,
Cha d'rinn e fhiù as aithneachadh,
Gu'n bhruidhinn e 's a' Bheurla,
"Can I trade this animal?"

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

"Gur e Finnigan cur an taobhs' mi,
Cha 'n 'eil mi'n dùil do mhealladh leis,
Cuir air ceithir crùidhean ùr,
'S mo rùn gu'n dean e tarruinn dhuit."

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

'N uair a thòisich e gu crùidheadh,
Bit e 'n cùl a claigionn e,
'S an thuirt Roland ris gu dìombach,
"Bhrùth thu air a spavin e"

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

'S an thuirt Garrett ris gu fiadhaich,
"Cha do bhiadh thu ceart bho samhuinn e,
Cha dèan e ach biadhadh fithich
Tha na biastan damainte air.

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

Teich dhachaigh leis gun dàil,
Mu faigh làir 's a' searrach iad,
Na faiceadh thu gu sìorruith bràth,
A mach air braigh am baile agam."

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

Gu robh caball aig na reins,
Bha móran orr' do snaimeanan
'S cuip aige do wire o'n fheòir
'A 's straic e cnaimh na droma aige.

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

'N uair a ràinig e an stoir,
Bha 'n t-each na lòn a falluis aig,
Ach thuirt e ri Bessie as an stoir,
"Lord how that horse was travelling".

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

Gur e Hector bha gu crùidheadh,
Sid a mhill na casan aig,
G'an cuir air le tàirnean bata
Gur h-ann a b'fhearr a dh'fhannadh iad.

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom, 's cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.

Sid far an robh am beathach lively
Falbh a dhriveadh sgoilearan,
'N uair a ràinig e an Cobh
Cha mhór bhitheadh ann air tòiseach air.